Am Bòrd Stiùiridh
Iain MacLeòid (Ceann Suidhe)
‘S ann à Carlabhagh, Eilean Leòdhais a tha Iain ‘s bha Gàidhlig aige bho thùs. Tha e air a bhith a’ fuireach ann an Dùn Èideann bho 1970 nuair a ghluais e ann a bhith na fhear poileis. Tha e air an dreuchd seo a leigeil dheth a-nis ach tha e fhathast trang le leasachadh na Gàidhlig, an sàs gu sònraichte ann am foghlam, na h-ealain ‘s a’ choimhearsnachd o chionn iomadh bliadhna. B ‘e neach gairm Comann nam Pàrant (Nàiseanta) a bh’ ann airson seachd bliadhna agus chaidh a’ chlann aige, Màiri & Calum, oideachadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
A-measg nan dleasdanas a th’ aig’ an-dràsta, tha eadar-theangachadh na Gàidhlig, a’ sgaoileadh bhrathan Gàidhlig, leasachadh coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Dùn Èideann part-ùine agus a bhith na chomhairliche dha Comunn na Clàrsaich, le dlùth sàs ann am Fèill Dhùn Èideann Eadar-Nàiseanta na Clàrsaich. Thòisich e mar Cheann Suidhe a’ Chomuinn Ghaidhealaich ann an 2007 as dèidh dha Roinn an Ear-Dheis a riochdachadh air an Àrd Chomhairle. Tha Iain pòsta aig Cairistìona à Gallaibh- an sgìre far an tèid Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 a chumail.
Seònaid Nic Dhòmhnaill (Neach Gairm)
Rugadh agus thogadh Seònaid ann an Tobar Mhoire ann am Muile, agus ‘s ann an sin a tha i fhathast a’fuireach! Thug i a-mach ceum ann an Gàidhlig agus Matamataic aig Oil-thaigh Dhun Èideann, agus bha i a’teagasg an dà chuspair sin fad iomadh bliadhna. Bhuannaich Seònaid Bonn Òr a’Chomuinn ann an Inbhir Nis ann an 1984, ach ron àm sin bhiodh i a’gabhail pàirt ann am farpaisean aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta. Bha i na ball den chòmhlan “Sound of Mull” a bha gu math ainmeil anns na seachdadan ‘s na h-ochdadan. Tha i fhathast a’seinn ann an Còisir Mhuile agus ann an Atomaig Piseag.
Tha i air a bhith strì às leth na Gàidhlig fad a beatha. On a sguir i theagasg làn-ùine, tha i air a bhith ag obair airson Sabhal M_r Ostaig, a’cur taic ri oileanaich air a’Chùrsa Inntrigidh, agus cùrsaichean eile. Cuideachd, tha i an sàs ann am Mòd Ionadach na Dreòlluinn, Fèis Mhuile, Co-roinn Ghàidhlig Mhuile agus Idhe, agus iomairtean sam bith a tha cur taic ris a’chànain! Tha Seònaid gu mòr airson Gàidhlig Earra-Ghàidheil a chumail air beulaibh an t-sluaigh, mas urrainn dhith!
Iain Moireasdan (Ard-Oifigeir)
‘S e Àrd Oifigear a’ Chomuinn Ghaidhealach a th’ ann agus rugadh agus thogadh e ann an Nis, Eilean Leòdhais. Mus do thòisich e aig a’ Chomunn b’ e Manaidsear Ionmhais agus Rianachd aig Bòrd Turasachd Dhùn Dè agus Aonghais agus Iar Rùnaire Colaiste Ealain Jordanstone, Oilthigh Dhùn Dè. Na thìde fhèin tha a’ ruith Sgioba Òigridh Ball-coise agus tha e na bhall de Comhairle Choimhearsnachd Broughty Ferry. Tha e cuideachd na bhall na bhall de Urras Gleidhidh Thogalaichean Taobh Tatha.
Robin Banks
Cheumnaich Robin Banks bho Oilthigh Dhùn Èideann le ceum lagha agus dh’ obraich e bhon uair sin san dreuchd ud anns Òban far an do thogadh e. Bha e na chomhairliche airson Comhairle Earraghaidheal ‘s Bhòid fad 15 bliadhna, a’ cur seachad 6 dhiubh.mar Iar-Cheannard. Tha e air a bhith na bhall de iomadh comataidh a’ Chomuinn thar nam bliadhnaichean agus an-dràsta, tha e air comataidh an Airgid, Rianachd agus Luchd-obrach agus Comataidh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.
Tòmas Mitchell
Tha Tom air a bhith na bhall den Chomunn airson iomadh bliadhna a-nis ‘s e air cuideachadh a thoirt dha na Mòdan airson barrachd air 40 bliadhna. Tha e air Bòrd Stiùiridh a’ Chomuinn agus bidh e ga riochdachadh air Urras MhicCuaig agus Comataidh Gàidhlig Lannraig a Tuath. Tha Tom a’ fuireach ann an Comar nan Allt far a bheil e na bhall de Mheur Ghlaschu ‘s bidh e a’ riochdachadh Roinn an Iar Dheis air a’ Bhòrd Stiùiridh.
Norma A Young
Tha Norma às an Eilean Sgitheanach agus tha i ag obair mar QIO airson Roinn an Fhoghlaim ann an Comhairle na Gaidhealtachd, le uallach airson cuid de Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd. ‘S i cuideachd iar-mheasair airson HMIE agus ball de Chomhairle Craolaidh Foghlaim na h-Alba.
Tha i air a bhith an lùib Mòd Ionadail an Eilean Sgitheanaich bho thill i dhan Eilean mar cheannard-sgoile ann an 1985, agus air comataidh Roinn a Tuath bho 1991, far an robh i na neach-cathrach airson 4 bliadhna agus a-nis na h-iar neach-cathrach air sgàth na th’ aice ri dhèanamh taobh a h-obrach. Tha i air a bhith an sàs anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail o chionn 2001.
Dòmhnull Dòmhnllach
Tha Dòmhnull air a bhith na bhall den Chomunn o chionn 1982, nuair a chaidh e a dh'obair ann an Lunnainn. An dèidh tilleadh dhachaidh a Leòdhas aig deireadh na h-ochdadan, thòisich e a' cuideachadh le bhi a' ruith Mòd Ionadail Leòdhais agus bha e na cho-ionmhasair aig an dà Mhòd Nàiseanta ma dheireadh a chaidh a chumail anns na h-Eileanan an Iar; 'se an ionmhasair a rithist airson Mòd 2011. Thàinig e chun a' bhùird ann an 2007 mar riochdaire bho na h-Eileanan an Iar. Chaith e pìos mòr de bheatha ag obair dha Roinn nan Cuspainn 's nan Cìsean (HM C & E) mus do ghluais e airson greiseag gu BT agus an uair sin, gu Comhairle nan Eilean Siar ann an 1987 mar phrògramair anns an Roinn Compiutaireachd aca. 'S caomh leis a bhith a’ coiseachd nam beann agus a' siubhal (gu h-àraid thall thairis).
Ailean Caimbeul
Mairi Keir
Tha Mairi anns an Oilthigh an Glaschu an drasta. Bha i ag obair comhla rinn airson an t-samhraidh am bliadhna seo agus an-uiridh, mar phairt de Sgeama nan Oileanach aig Comunn na Gaidhlig.